Anything grows in our 21st-century harvest festival.

Dandelion is a six-month celebration of collaboration, creation and collective action. From gardens to fields, windowsills to wide, open spaces, join us to sow and grow crops of every shape and size – and then come together at harvest time to share what we’ve grown.

Dandelion is inspired by the simple concept of ‘Sow, Grow and Share’: not just food, but also new music, ideas, scientific knowledge and community. Rooted in Scotland but with an international outlook, Dandelion follows the arc of the growing season from April to September – when musicians, makers, scientists and performers will come together for hundreds of inspiring events and activities across Scotland and online.

There’ll be plenty of chances for you to get your hands dirty, too: growing your own at home, joining us at two major free festivals, and coming to a 21st-century community harvest festival – where we’ll cook up the results of our epic growing adventure with good company and new music.

A time to grow

Unexpected Gardens are springing up across Scotland in 2022. From the Borders to the Highlands, islands to inner cities, indoor spaces to the great outdoors – Dandelion’s nationwide network of gardens will bring new life to underused places and spaces that appear barren or neglected, showing that everywhere has the potential to blossom and bloom.

Dandelion’s Unexpected Gardens will be both fertile growing grounds and surprising public spaces open to all. They’ll host a huge variety of special events, installations and activities during spring and summer, led by the next generation of creative producers and musicians – and all building towards harvest.

We’ll be installing hundreds of Cubes of Perpetual Light – miniature vertical farms and artworks that combine design craft, technological innovation and traditional growing techniques. Scattered throughout Scotland in Unexpected Gardens, schools and beyond, the Cubes will yield a rich variety of crops during 2022 – alongside new music created and recorded for Dandelion by homegrown and international artists.

Dandelion also features sustainable food-and-music festivals in Glasgow and Inverness. Join us for workshops, talks, locally grown food and new music from artists who share Dandelion’s desire to put the culture back into agriculture.

Dandelion is commissioned by EventScotland and funded via the Scottish Government.

Get involved!

Whether you’re an experienced gardener or you’ve never planted anything before, we’re encouraging you to get growing at home. We’re giving away thousands of free plants and seedlings, and we’re also creating a free online library of resources – giving you everything you need to join our nationwide growing community in 2022 and the years to come.

We’re also inspiring the artists, activists, scientists and creative producers of the future by distributing 200 growing cubes to 100 secondary schools, plus 300,000 seed potatoes and 200 tonnes of growing medium to a further 400 schools – all in all, inviting 100,000 pupils to take part in the Dandelion School Growing Initiative.

Blending traditional growing skills with future farming techniques, these pupils will become citizen scientists in Scotland’s largest ever community growing experiment. And come the autumn, they’ll share the food they’ve produced among their school communities at hundreds of playground Harvest Festivals – alongside art, music, stories and more.

Credits

Commissioned by EventScotland

Funded via the Scottish Government

key information

When

Spring to autumn 2022

Where

Across Scotland

Suitable for

All ages

Admission

Free

Tha fàs a’ tighinn air Alba san Fhèis Fhoghair againn airson an 21mh linn - am prògram fàs-do-chuid-fhèin as motha nar linn.

Tha Dandelion na phròiseact sia mìosan a bhios a’ comharrachadh co-obrachadh, cruthachadh agus co-ghnìomh. Bho ghàrraidhean gu achaidhean, bho oir na h-uinneig gu àiteachan fosgailte farsaing, thig còmhla rinn gus sìol de gach seòrsa is meud a chur agus fhàs - agus an uair sin thig còmhla aig àm an fhoghair gus na tha sinn air fhàs a cho-roinn.

Tha Dandelion air a bhrosnachadh leis a’ choincheap shìmplidh ‘Cuir, Fàs agus Co-roinn’: chan ann a-mhàin a thaobh bìdh ach cuideachd ceòl, beachdan, eòlas saidheansail agus coimhearsnachd. Freumhaichte ann an Alba, ach le sealladh eadar-nàiseanta, tha Dandelion a’ leantainn arc an t-seusain fhàis, bhon Ghiblean chun na Sultain  - nuair a thig luchd-ciùil, luchd-dèanaimh, luchd-saidheans agus cleasaichean airson nan ceudan de thachartasan agus gnìomhan brosnachail air feadh na h-Alba agus air-loidhne.

Bidh cothroman gu leòr ann dhut do làmhan a chur san ùir cuideachd: le bhith a’ fàs do chuid fhèin aig an taigh, a’ tighinn còmhla rinn aig dà fhèis mhòr an-asgaidh, agus tighinn gu Fèis Foghair Coimhearsnachd san 21mh linn - far an ith sinn toraidhean an dàn-thurais fhàsmhor againn le deagh chuideachadh agus ceòl ùr.

Àm gus fàs

Bidh Gàrraidhean Ris nach Biodhte an Dùil a’ nochdadh air feadh na h-Alba ann an 2022. Bho na Crìochan chun na Gàidhealtachd, bho eileanan gu cridhe nam bailtean-mòra, bho àiteachan a-staigh chun a’ bhlàr a-muigh - bheir lìonra de ghàrraidhean Dandelion air feadh na dùthcha beatha ùr do dh’àiteachan fàs no àiteachan air an deach dearmad a dhèanamh, a’ sealltainn gu bheil comas aig a h-uile àite a bhith a’ toirt fàs air rudan agus a bhith fo bhlàth.

Bidh na Gàrraidhean ris nach Biodhte an Dùil aig Dandelion an dà chuid nan àiteachan torrach airson a bhith a’ toirt fàs air rudan agus nan àiteachan poblach iongantach a bhios fosgailte do na h-uile. Thèid farsaingeachd mhòr de thachartasan, obraichean ealain agus gnìomhan a chumail ann tron earrach agus tron t-samhradh, air an stiùireadh leis an ath ghinealach de luchd-ciùil agus de riochdairean cruthachail - agus seo uile ag obair a dh’ionnsaigh an fhoghair.

Bidh sinn a’ stàladh nan ceudan de Chiùban Solais Sìorraidh - tuathanasan beaga bheartagail a tha a’ toirt còmhla obair dealbhaidh, ùr-ghnàthachadh teicneòlach agus dòighean fàs traidiseanta.  Air a sgapadh air feadh na h-Alba ann an Gàrraidhean ris nach Biodhte an Dùil, sgoiltean agus nas fhaide air falbh, bheir na Ciùban seachad deagh thoradh ann an 2022 - cho math ri ceòl ùr a chaidh a chruthachadh agus a chlàradh do Dandelion le luchd-ciùil às an dùthaich seo agus à dùthchannan eile.

Bidh Dandelion cuideachd a’ gabhail a-steach fèisean ciùil is bìdh seasmhaich ann an Glaschu (an t-Ògmhios) agus Inbhir Nis (an Lùnastal–an t-Sultain). Thig còmhla rinn airson bùithtean-obrach, òraidean, biadh ionadail agus ceòl ùr bho dhaoine a tha ag aontachadh ri miann Dandelion cultar agus àiteachas a cheangal ri chèile às ùr.

Chaidh Dandelion a choimiseanadh le EventScotland agus chaidh a mhaoineachadh tro Riaghaltas na h-Alba.

Gabh pàirt!

Co-dhiù a tha thu nad dheagh ghàirnealair no nach eil thu rud sam bith a chur riamh roimhe, tha sinn gad bhrosnachadh gus biadh fhàs aig an taigh. Tha sinn a’ toirt seachad na mìltean de lusan is sìolagan an-asgaidh, agus tha sinn cuideachd a’ cruthachadh leabharlann de ghoireasan air-loidhne an-asgaidh - a’ toirt dhut a h-uile rud a dh’fheumas tu gus gabhail anns a’ choimhearsnachd fàs bìdh againn ann an 2022 agus sna bliadhnaichean ri thighinn.

Tha sinn cuideachd a’ brosnachadh luchd-ealain, luchd-iomairt, luchd-saidheans agus riochdairean cruthachail san àm ri teachd le bhith a’ sgaoileadh 200 ciùban fàis gu 100 àrd-sgoil, a bharrachd air 300,000 buntàta sìl agus 200 tunna de mheadhanan fàs gu 400 sgoil eile - uile gu lèir, a’ toirt cuireadh do 100,000 sgoilear gus pàirt a ghabhail ann an Iomairt Fàs Sgoil Dandelion.

Le bhith a’ measgachadh sgilean fàs traidiseanta le dòighean tuathanachais san àm ri teachd, bidh na sgoilearan sin nan luchd-saidheans saoranach anns an deuchainn fhàs coimhearsnachd as motha riamh ann an Alba. Agus as t-fhoghar, bidh iad a’ co-roinn a’ bhìdh a rinn iad am measg nan coimhearsnachdan sgoile aca aig ceudan de dh’Fhèisean Foghair san raon-cluich - còmhla ri ealain, ceòl, sgeulachdan agus barrachd.

 

Buidheachas

Air a choimiseanadh le EventScotland

Air a mhaoineachadh tro Riaghaltas na h-Alba

Geàrr-chunntas

Cuin

An Giblean gus an t-Sultain 2022

Càite

Air feadh na h-Alba

Freagarrach do

Aois sam bith

Inntrigeadh

An-asgaidh